Mar a chaidh am Briathrachan Beag a chur air a’ choimpiutair
Sgrìobh Caoimhín Ó Donnaíle
agus cuideachd Ruth Melton am faclair seo a-steach dhan choimpiutair aig
Sabhal Mór Ostaig eadar 1991-10-12 agus 1991-12-08. 'S e
seo ri ràdh gun sgrìobhadh gach rud a-steach dà thuras airson a dhearbhadh agus
na mearachdan taidhpidh a cheartachadh.
Gnàthasan sgrìobhaidh:
- Chaidh letheid “‘ that ’” sa leabhar a sgrìobhadh a-steach dhan choimpiutair mar “'that'” (gun bheàrnaidhean)
- Chaidh letheid “asp. con.” sa leabhar a sgrìobhadh mar “asp.con.” (gun bheàrn)
- Cha deach “.” a sgrìobhadh aig deireadh nan loidhnichean.
- Nuair a bha facal a’ tòiseachadh aig deireadh loidhne sa leabhar, ach le
strac ‘-’ agus a’ chuid eile den fhacal air an loidhne às a dhéidh,
sgrìobhadh am facal air fad air a’ chiad loidhne.
- Rinneadh indent dà space nuair a bha gluais a’ leantainn oirre bhon loidhne roimhe.
- Nuair a bha letheid “as last” sgrìobhte san fhaclair (air sgàth’s gun robh an aon
chiall aig facal agus a bha aig an fhacal roimhe), sgrìobhadh a’ ghluais a-mach a-rithist.
Fuaim:
’S e Murchadh M. MacDhòmhnaill (Murchadh “Stal”) à Col Uarach ann an Leódhas a leugh am faclair gu léir a-steach air téipichean casette timcheall air a’ bhliadhna 1997.
Chuir Frances Forrest air a' choimpiutair iad. Gheàrr Marc Mac an Tuairneir iad gus am biodh faidhle ann airson gach duilleag fa leth. (Rinn Marc cuideachd
scanadh air an leabhar gu léir.)