Cho aineolach ri eilid nam beann
Cho amh ri taois
Cho an-fhoisneach ri circ air greideal
Cho aosda ris na bruthaichean
Cho aotrom ri ceum na h-òige
Cho aotrom ri iteag
Cho aotrom ri oiteag nam beann
Cho àrd ri dà aid
Cho àrd ri na nèimh
Cho àrd ris an spàrr-ghaoithe
Cho àrd ri sròn nan uaislean
Cho àrd ri stiopal
Cho àrd ri tùr Bhabilon
Cho at ri losgann as t-fhoghar
Cho bàn ris an liadhaig
Cho beag ri dreathan-donn
Cho beag ri troich
Cho beò ri easaig
Cho beò ri eun
Cho biadhta ri broc
Cho bìth ri luch fo ladhar a’ chait
Cho bìdh ri luchaig
Cho bìdh ri uan
Cho binn ri smeòraich air geug
Cho bìth ri uan
Cho blasda gus itheadh tu do mheòran às an déidh
Cho blàth ri bainne
Cho blàth is gum bi a’ ghrian a’ briseadh nan cloch
Cho blàth ri teine mònach
Cho blàth 's cofhurtail ri ugh ann an tòn na circe
Cho bochd ris a’ chirc
Cho bochd ri dìol-dèirce
Cho bochd ri luch-eaglais
Cho bochd ri radan eaglais
Cho bodhar ri cloich
Cho bodhar ri gobhar ’san fhoghar
Cho bodhar ri stalla
Cho bodhar ris an talamh
Cho bodhar ri tòin poite
Cho bog ri ìm
Cho borb ri madadh-allaidh
Cho bras ris an fhùdar
Cho bruidhinneach ri bana-cheàrd
Cho breugach ri ceàrd
Cho breugach ris an t-Sàtan
Cho breugach ri Tom Pepper
Cho breun ri sadhbhaidh an t-sionnaich
Cho brodail ris a’ mhac-mhallachd
Cho buidhe ri buidheagan
Cho buidhe ri dìthean
Cho buidhe ri sòbhrag
Cho cabach ri ceàrd
Cho cam ri iomaire an amadain
Cho cam ri d’uilinn
Cho caochlach ri mnaoi
Cho caoin ri clàrsaich
Cho caol ri bior
Cho caol ri clobha
Cho caol ri cuip
Cho caol ri feàrsaid
Cho caol ri stamh
Cho caol ri suidse
Cho carach ri MacChrùislig
Cho carach ris a’ mhadadh ruadh
Cho casta ri adharc a' ghobhar
Cho ceangailte is tha bàirneach ris an lic
Cho ceart ri ceart
Cho ciallach ri cnoc
Cho cinnteach ris a’ bhàs
Cho cinnteach ri earr na smeòirn
Cho cinnteach ri tìm
Cho cnapte ri gràineig
Cho còir ris an fhaoileig
Cho còir ri làimh dheis a’ Choimrich
Cho còir ris an òr
Cho coltach ris an dà sgadan
Cho coltach ri chéile ri dà sgadan
Cho corrach ri ugh air droil
Cho crosta ri cat-fiadhaich
Cho crosta ris an dris
Cho crosta ris an fhùdar
Cho crosta ris an t-Sàtan
Cho crosta ri seann-chù
Cho cruaidh ris na clachan
Cho cruaidh ri iarann
Cho cruaidh ri spor
Cho cruaidh ris an t-stàilinn
Cho cruinn ri gealach an abachaidh
Cho cruinn ri mult
Cho cruinn ri put
Cho cuimseach làmh ri Connlach
Cho cuiseach ri cnoc
Cho cùbhraidh ri ùbhlan a' ghàrraidh air drilleachan cuirteil
Cho daingean ris a chreig
Cho dall ri dallaig
Cho dall ri damh ann an ceò
Cho daor ris an aran-mhilis
Cho daor ris an t-salann Spainnteach
Cho daor ris an uisge beatha
Cho dearg ris an fhuil
Cho deilgneach ri gràineig
Cho dìomhain ri damh san eadar-thràth
Cho dìomhain ri lùdag a' phìobaire
Cho dìonach ri botal
Cho dìreach ri saighdear
Cho dìreach ris an t-saighid
Cho disear ri cat-grìosaich
Cho daor ris an uisge-beatha
Cho dlùth ri truaill do chlaidheimh
Cho dorcha ris a’ bhìth
Cho dorch ri maodal a' mhairt dhuinn
Cho dorcha ris an teàrr
Cho dubh ris an atharnach
Cho dubh ris a’ bhìth
Cho dubh ri mo bhonn-dubh
Cho dubh ri cabar-sùithe
Cho dubh ri cùl an teine
Cho dubh ris an Donas
Cho dubh ris an daolaig
Cho dubh ri finiche
Cho dubh ri fitheach
Cho dubh ris a’ ghual
Cho dubh ri iteagan an fhithich
Cho dubh ri sgiath-fhaochaig
Cho dubh ris an t-sùith
Cho dubh ris an tearr
Cho dubh ri tòin na poite
Cho dubh ri uaidh a’ chèird
Cho dudach ri circ
Cho dùinte ri creachan na mara
Cho dùinte ri glasan a’ phrìosain
Cho dùinte ri leabhar
Cho earbsach ris a’ ghlais
Cho éibhinn ri dà sgadan
Cho eòlach ri radan air gach cùil
Cho fada ri crann soithich
Cho fada ri freastal
Cho fada ri searmoin an t-sagairt
Cho fada sa cheann is a bha Fionn anns na casan
Cho fada is a bhios muir a' bualadh ri lic
Cho fada ri crann soithich
Cho fada ri Fìobha
Cho fada ri Là na Sàbaid fliuch
Cho faicsinneach ri làr a' mheadhan-latha
Cho faiteach ri coinean
Cho fallain ri fiadh
Cho fallain ris a’ bhradan
Cho falainn ris a’ bhreac
Cho faoin ri na faoileagan
Cho faoin ri faoileag ann an Ach (An t-Achach Mór, fada bhon mhuir)
Cho farsaing ris a’ chuan
Cho fiadhaich ri broc ann an seann-ghàrradh
Cho fialaidh ris na faoileagan
Cho fileanta ri bàrd
Cho fileanta ri uileann fìdhleir
Cho fìrinneach ris a’ Bhioball
Cho fliuch ris a’ chù
Cho fliuch ri iasg
Cho fliuch ri sgarbh
Cho foighidneach ri cat
Cho foighidneach ri Iòb
Cho follaiseach ri gathan na gréine
Cho fuar ris a’ bhàs
Cho fuar ri màthair a’ ghobha
Cho fuar ris a’ phuinnsean
Cho fuar ris an uaimh
Cho gann ri dearcagan san Bhealltainn
Cho garbh ri craiceann seann-daraich
Cho garbh ri earball a’ chapaill bhàin
Cho garg ris an leómhainn
Cho geal ris an anart
Cho geal ris an chanach
Cho geal ri canach an t-sléibhe
Cho geal ris a’ chnàimh
Cho geal ri corp
Cho geal ri gruth
Cho geal ris an t-sneachda
Cho geal ri sneachd na h-aon oidhche
Cho geal ri tasdan
Cho geur ri bó mhaol
Cho geur ris an lannsa
Cho geur ri sùgh nan sealbhag
Cho geur ri sùil gobhair
Cho gibeach ri gobhar
Cho glan ri airgead beò
Cho glan ris a’ bhean-nighe
Cho glan ri cogais sagairt
Cho glan ri daoimean
Cho glan ris an eala bhàin
Cho glan ris an fhìrinn
Cho glan ris an òr
Cho glan ri prìne
Cho glan ris an t-sia sgillinn
Cho glan ri sneachd oidhche
Cho glan ri tastan ùr
Cho glan ri ubhal
Cho glas ri càl Obar Dheathain
Cho gleusta ri sionnach
Cho glic ri bàrd
Cho glic ri cnoc
Cho glic ri sagart agus eallach leabhraichean air
Cho glic ri Solamh
Cho glic rium fhéin
Cho gnù ri broc
Cho gòrach ri bogsa losgann
Cho gòrach ri na h-eòin
Cho gòrach ris an fhaoileig
Cho gorm ris an adhair
Cho gorm ri càl
Cho gorm ris an fheur
Cho gorm ris a’ mhuir
Cho gorm ri do shùil
Cho grad ri feòragan Céitein
Cho grinn ri sagart aig aifreann
Cho gruamach ri madainn Diluain
Cho guanach ri bualtan-buidhe an oidhche oiteagagach
Cho iongantach ri sneachd dearg
Cho lag ris a’ chuileig
Cho lag ris an fheur
Cho làidir ri casan eich
Cho làidir ri Cù-Chulainn
Cho làidir ris an darach
Cho làidir ris an each
Cho làidir ri seachdnar
Cho làn ri buta
Cho làn ri cliabh maoraich
Cho làn ri cnò
Cho làn ri ugh
Cho leathann ri ceann na bàthcha
Cho leisg ris a’ chadalan-tràghad
Cho leisg ri cù na sitig
Cho leisg ri seann chù
Cho leòmach ris an aon fhaoileag a bha air taobh Chaoil Muile
Cho leòmach ri dà-bhliadhnach cait
Cho lìonmhor ri sligean a’ chladaich
Cho lom ri bòrd
Cho lom ri gèadh spìonta
Cho lom ri òigh
Cho luath ris an aigne
Cho luath ri aigne nam baoth
Cho luath ri aigne nam ban baoth
Cho luath ri beithir
Cho luath ris a’ bhrìdean air an tràigh
Cho luath ri boc-earba
Cho luath ris an dealanach
Cho luath ris an earb
Cho luath ri fear na droch mnatha air a’ mhachaire Uibhisteach
Cho luath ris a’ ghaoith
Cho luath ris a’ ghaoith luaith Mhàirt
Cho luath ri geàrr
Cho luath ri gille-mirein
Cho luath ri peilear
Cho luath ri rionnach a' chuain
Cho luath ri seabhag
Cho luath ri steud
Cho maiseach ris a’ ghréin
Cho mall ri seilcheig
Cho maol ri ball iomain
Cho maol ri bois
Cho maol ri òrd
Cho maol ri turneip
Cho maol ri ugh
Cho marbh ris a’ bhàs
Cho marbh ri cloich
Cho marbh ri sgadan
Cho marbh ri sgadan a bhiodh bliadhna air an fharadh
Cho marbh ri sgadan a bhiodh oidhche ann an salann
Cho marbh ri sgait
Cho mear ri ceann siomain ré latha gaoithe
Cho mear ri piseag
Cho milis ri mil
Cho milis ris an t-siùcar
Cho mì-mhodhail ri ceàrd
Cho mì-mhodhail ris a’ chù
Cho mì-mhodhail ri còin a’ Bhac
Cho mì-mhodhail ri isean a’ ceàird
Cho mìn ri gruaidh caileige
Cho mìn ri miniceann
Cho mìn ri sìoda
Cho mireagach ri uan
Cho modhail ri bean a’ mhinisteir
Cho mór ri beinn
Cho mór aig a chéile ri bó 's prabag
Cho mór aig a chéile ri dà cheann eich
Cho mosach ris a’ chù
Cho mosach ri na glasan
Cho neo-bhlasta ri sgaot
Cho neo-bhlasta ri sgaothan
Cho neoichiontach ri leanaban
Cho nimheil ri nathair
Cho onorach ris a’ ghlas
Cho pailt ri cleiteagan sneachd
Cho pailt ri clachan beaga maola air an tràigh
Cho pailt ri meanbh-chuileagan as t-fhoghar
Cho pròiseil ris a’ Mhac-Mhallachd
Cho rag ri bòrd
Cho rag ris an Donas
Cho rag ris a’ Mhac-Mhallachd
Cho reamhar ri marag
Cho reamhar ri muic bhiadhta
Cho reamhar ri ròn
Cho reamhar ri uircean
Cho réidh ri dà cheann-eich
Cho réidh ri uaireadair
Cho righinn ris a’ bhìth
Cho righinn ri bod sagairt
Cho righinn ri bòrd
Cho righinn ri cac ann am plangaid
Cho righinn ri cat
Cho righinn ris an dallag
Cho righinn ri gad seilich
Cho righinn ri pìos leathrach
Cho righinn ri ròn
Cho saillte ris a’ mhuir
Cho salach ris a’ chù
Cho salach ris a’ ghual
Cho salach ris a’ mhuc
Cho salach ris a’ pholl
Cho salach ris an t-sitig
Cho sàmhach ri cearban-gréine
Cho samhach ri luch eaglais
Cho saor ri eun air an sgéith
Cho saorsail ri eun air an sgéith
Cho sean ri ceann nam beann
Cho sean ris a’ cheò
Cho sean ri ceò nam beann
Cho sean ris a’ chrotal
Cho sean ri Metusila
Cho searbh ris a’ chuilc
Cho searbh ris an fhìrinn
Cho searbh ri sùgh an trì-bhilich
Cho seasgair ri luich ann an cruaich
Cho seòlta ris a’ mhadadh ruadh
Cho seòlta ri sionnach
Cho sgiobalta ris a’ chat
Cho sgìth ri cù
Cho sgìth ri seann each
Cho sgìth dheth is a bha an gobha dh’a mhàthair
Cho sgìth is a bha an gobha dh’a mhàthair nuair a thiodhlaic e seachd uairean i
Cho sgrìobach ri dris
Cho siogada sinn-seanaireach ri sionnach na Maoile
Cho siùlach ri seann chullach
Cho slàn ri breac
Cho slàn ri bradan glan an t-sàil
Cho slaodach ri seilcheig
Cho sleamhainn ri botal
Cho sleamhainn ri deigh
Cho sleamhainn ri easgann
Cho sleamhainn ri glainneachan
Cho slìom ri sgiath an fhithich
Cho socair ri leabaidh itean
Cho soilleir ri gathan na gréine
Cho soilleir ris an latha
Cho soilleir ri tràth-neòin air Latha GhilleEathain
Cho solt ris an uan
Cho sona ri bròig
Cho sona ri caimeanach an t-sruth
Cho sona ri crodh an taoibh siar
Cho sona ri cuthag ann an nead a coimhearsnaich
Cho sona ri crodh an Taobh Siar
Cho sona ri luch ann an lofa
Cho sona ri óthaisg
Cho sona ris an rìgh
Cho spaideil ri seilcheig
Cho sùbailte ri feòraig
Cho sùbailte ri càrnaig
Cho sunndach ri fiadh
Cho tana ri abhlan
Cho tana ri pàipear
Cho tana ri sreathan
Cho tana ri taghan
Cho teann ri bàirneach air sgeir
Cho teth ris an donas
Cho teth ris an éibhleig
Cho teth ris an éibhinn
Cho teth ri gaol-greusaiche
Cho teth ri gaol seòladair
Cho teth ri gaol tàilleir
Cho teth ri gaol trusdaire
Cho teth ris an teine
Cho tiamhaidh ri gàir a' Chuain Siar
Cho tinn ri cù
Cho tioram ri arc
Cho tioram ri clàr-buideal
Cho tioram ri éibhleig
Cho tioram ri seiche
Cho tioram ris an spìon
Cho tioram ri spong
Cho tioram ri stamh
Cho tiugh ri cluais laoigh
Cho tiugh ri cluas an laoigh
Cho tollach ri rideil
Cho toilichte ri luch ann an lofa
Cho toinnte ri teòm an t-sionnaich
Cho trang ri triùir ann an leapaidh
Cho trom ri dà bholla mhìne
Cho trom ris an luaidh
Cho umhal ri luch fo spòig cait
Cho umhal ri luch fo spòg a’ chait
Rann nan samhlaidhean
Cho fliuch ri iasg — Cho tioram ri seich,
Cho beò ri eun — Cho marhh ri cloich;
Cho brisg ri glaine — Cho righinn ri teud,
Cho mall ri seilcheig — Cho luath ri steud;
Cho làidir ri each — Cho lag ri caot,
Cho milis ri siùcar — Cho neo-bhlasd ri sgaot;
Cho geal ri lili — Cho dubh ri sùith,
Cho mear ri piseig — Cho tinn ri cù;
Cho dòmhail ri peatraid — Cho sùmhail ri sgadan,
Cho reamhar ri muic — Cho bochd ri radan;
Cho dìreach ri saighid — Cho cam ri bògha,
Cho bàn ri léine — Cho dubh ri gobha;
Cho carrach ri creig — Cho lom ri bòrd,
Cho geur ri sgian — Cho maol ri òrd;
Cho cruaidh ri spor — Cho bog ri ìm,
Cho luaineach ri sìd’ — Cho cinnteach ri tìm;
Cho fìor ris an t-Soisgeul — Cho fealls’ ris an duine,
Cho caochlach ri mnaoi — Cho deimhin ri gunna;
Cho teth ri àmhainn — Cho fuar ri sneachd,
Cho lag ri cuileig — Cho laidir ri seachd;
Cho aotrom ri it’ — Cho trom ri luaidh,
Cho glas ri feur — Cho ruadh ri luaith;
Cho mall ri as’ — Cho bras ri tuil,
Cho geal ri latha — Cho dearg ri fuil;
Cho garbh ri ròcas — Cho binn ri bàird,
Le mìl’ samhl’ eile riu’ so ann an càird.