Na goireasan Gàidhlig (agus Gaeilge/Gaelg/Sengoídelc/iomachànanach) aig www.teanga.info, is iad seo goireasan a chruinnich mi no a leasaich mi fhìn bhon a thòisich mi a’ teagasg coimpiutaireachd aig Sabhal Mòr Ostaig ann an 1991, suas chun an latha an-diugh.
www.smo.ac.uk
Thòisich mi ag obair aig an t-Sabhal san Dàmhair 1991, agus bha seirbheis phuist-dealain ag obair againn san Dùbhlachd 1991, modem a’ fónadh a-mach gach lethuair a thìde gus post-d a sheòladh a-mach agus a ghabhail a-steach. Tha mi caran cinnte gum b’e sinne a’ chiad cholaiste FE ann am Breatain aig an robh seirbheis phuist-d. Chan ann a-mhàin gun robh sin feumail airson conaltradh mun Ghàidhlig agus gus comhairle coimpiutaireachd fhaighinn, ach bha e air leth feumail gus bathar-bog open-source a tharraing a-steach. Cha robh e fada gus an robh “intranet” ag obair le IP aig an t-Sabhal, eadar na PCs agus frithealaiche Unix (Sun), agus bha sin a’ ciallachadh gun robh post-d ri fhaighinn bho gach PC.
Bha sinn fortanach gun d’fhuair sinn deagh chomhairle bho iomadh duine a bha badhail don Ghàidhlig – mar eisimpleir bho cheannard na seirbheis coimpiutaireachd aig Oilthigh Armidale (anois UNE) ann an Astràilia, a bha aig an t-Sabhal air cùrsa goirid Gàidhlig. Leis a’ chòmhairle sin, bha seirbhis WWW ag obair againn san Dùbhlach 1993, bhon fhrithealaiche Sun againn fhìn a bha a-nis ceangailte gu buan leis an Eadarlìon. Bu sinne a’ chiad cholaiste FE ann am Breatainn aig an robh seirbheis WWW, agus bha sinn fiù’s air toiseach air tòrr oilthighean. Bha domain-name againn fhìn, www.smo.ac.uk. Bho thùs, dh’fheuch mi ri fiosrachadh mun Ghàidhlig a chur air an làraich-lìn, a bharrachd air fiosrachadh mun Cholaiste. Chan ann a-mhàin gun robh sin feumail do dh’oileanaich agus luchd-obrach an t-Sabhail, agus bha e feumail do phobal na Gàidhlig fad is farsaing (agus math airson cliù agus margaideachd na Colaiste).
www.smo.uhi.ac.uk
An toiseach, cha robh seirbheis WWW idir aig UHI, no an “UHI Millenium Institude” mar a bha e sna làithean sin. Ach an déidh greis fhuair UHI an domain-name uhi.ac.uk, agus an déidh greis eile bha seirbheis WWW aca aig www.uhi.ac.uk. Rinn sinn co-dhùnadh gluasad bho www.smo.ac.uk gu www.smo.uhi.ac.uk. Bha www.smo.ac.uk fhathast againn fad bhliadhnaichean, le ath-threòrachadh gu www.smo.uhi.ac.uk, ach mu dheireadh leig mi le sruth e. (Is dòcha gur e mearachd a bha sin?) Chìthear làrach-lìn na Colaiste tro na linntean tron WebArchive. Tha grunnan daoine thar nam bliadhnaichean air goireasan fìor mhath a thoirt dhomh airson an stòradh air an làraich-lìn: mar eisimpleir Ciarán Ó Duibhín, Dennis King, Roy Wentworth, Iain Mac an Tàilleir.
www2.smo.uhi.ac.uk
Bha WWW a’ sìor fhàs na bu chudromaiche do bheatha agus margaideachd na Colaiste, agus rinn an Sabhal co-dhùnadh seirbheis oifigeil WWW a chur air dòigh air frithealaiche fa leth. Bha e a’ sìor fhàs na bu dhorra dhomh seirbheisean mar fhaclairean agus stòran-dàta air-loidhne a chur air dòigh air an fhrithealaiche ùr. (Do-dhèanta uile gu léir a-nis, oir tha an t-seirbheis oifigeil outsourced a-nis.) Fhuair mi réiteach, ge-tà, a dh’obraich glan fad bhliadhnaichean: www2.smo.uhi.ac.uk, seirbheis WWW a bha a’ ruith air an fhrithealaiche Linux air an deasg agam fhìn. Rud sam bith fo /gaidhlig/, /gaeilge/, 7c, bha e stéidhte aig www2.smo.uhi.ac.uk, agus dhèanadh www.smo.uhi.ac.uk ath-threòrachadh thuige mar bu chòir. Rud sam bith eile, dhèanadh www2.smo.uhi.ac.uk ath-threòrachadh gu www.smo.uhi.ac.uk.
www3.smo.uhi.ac.uk
Nuair a thàinig Covid agus an glasadh-sluaidh ann an 2020, cha b’urrainn dhomh am frithealaiche Linux air mo dheasg a ruigsinn. Ghluais mi na bha aig www2.smo.uhi.ac.uk gu www3.smo.uhi.ac.uk, air frithealaiche sna neòil. Ach a-mhàin sin, bha a h-uile rud ag obair mar a bha roimhe.
www.teanga.info
Tha UHI air fàs frionasach a thaobh theàrainteachd coimpiutaireachd, agus a’ feuchainn ri teastanas teàrainteachd air choireigin a choisinn. Bha iad a’ gearran mu cheanglaichean briste aig www3.smo.uhi.ac.uk, ach a bharrachd air sin, chan eil iad riaraichte dad a bhith fo “.uhi.ac.uk” nach eil fo smachd teann teàrainteachd aca fhéin. Sgrìobh iad gu ceannard SMO, agus fhuair mi trì seachdainean gus a h-uile rud a ghluasad bho www3.smo.uhi.ac.uk gu domain air choireigin eile. O chionn’s gu bheil measgachadh de ghoireasan matha ann, chan ann a-mhàin ann an Gàidhlig na h-Albann, ach cuideachd ann an Gàidhlig na h-Éireann, Gàidhlig Mhanainneach, Sean-Ghàidhlig agus eile, thagh mi www.teanga.info, domain a bh’agam roimhe seach gu bheil mi a’ fuireach anns An Teanga san Eilean Sgitheanach, seachas domain-name mar gaidhlig.info, gaeilge.info no a leithid. A thaobh a’ favicon
, b’àbhaist cat dubh a bhith agam a bha a’ cur a-mach a theanga airson sealltainn gum bu mhiann leis a bhith càirdeil.
Caoimhín Ó Donnaíle
2026-09-17